top of page
Search

EALAIN ÀITE

Oct 12, 2020
1 min read


Mu dheidhinn a’ phròiseact

Tha Màiri NicIllÌosa a’ toirt sùil air dè dìreach a tha a’ tighinn le a bhi mar phàirt de choimhearsneachd Gàidhlig air taobh siar Eilean Leòdhais. Fhuair am pròiseact seo maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig mar phàirt de Bhliadhna nan Costachan.

​

Bi Màiri a’ bruidhinn ri daoine sa choimhearsneachd mu dheidhinn a bhi a’ fuireach ann an seo, na tha e a’ ciallachadh dhaibh agus a’ cruinneachdadh sgeulachdan airson obraichean-ealain coimhearsneachd a dhèanamh.  

Bi na cruth-ealainean air an cur aig na buirg faisg air na coimhearsneachdan a tha air pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact


Luchd-pàirteachaidh

A bheil sibh ag iarraidh pàirt a ghabhail? Ma tha sibh a’ fuireach air taobh siar Leòdhais (Port Nis a dh’Ùig) tha Màiri ag iarraidh cluinntinn bhuaibh! Cha leig sibh a leas Gàidhlig a bhruidhinn airson pàirt a ghabhail, feumaidh sibh dìreach a bhi a’ fuireach an seo an-dràsta. Tha fàilte air gach sgeulachd o duine gach aois.


 
 
 

Comments


bottom of page